"Briseadh-dùil" a thaobh dhràibhearan

Poilis

Tha Poileas Alba ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann gun d'fhuair iad còrr is 30 duine air a' Ghàidhealtachd sa chiad mhìos den bhliadhna is iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Thuirt iad gun tèid daoine a tha a' dol air cùl na cuibhle às dèidh dhaibh a bhith ag òl a ghlacadh.

Dh'innis na poilis gun robh iomairtean sònraichte aca thairis air Àm na Nollaig is na Bliadhna Ùire, is gu bheil oifigearan air leantainn orra.

Uile gu lèir, chaidh 31 duine a ghlacadh air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan san Fhaoilleach is iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Thuirt na poilis gun robh sin ann a dh'aindeoin is gu bheil iad air rabhaidhean a sgaoileadh tric is minig.

Thuirt iad gur e a' chomhairle as fheàrr a th' ann do dhaoine gun a bhith ag òl idir ma tha iad gu bhith a' dràibheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile