Ospadal Phort Rìgh dùinte air an oidhche

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Cha robh seirbheis ri fhaotainn taobh a-muigh uairean àbhaisteach aig Ospadal Phort Rìgh air an deireadh-sheachdain.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun robh gainnead luchd-obrach a' fàgail gun robh aca ris an ionad a dhùnadh oidhche Shathairne agus oidhche na Sàbaid air sgàth sàbhailteachd, ged a bha e fosgailte tron là.

Thug seo buaidh air Ionad nan Lotan Beaga agus Cùram Deatamach.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gun deach dàil a chur air seirbheisean bho 8:00f oidhche Shathairne gu 08:00m Là na Sàbaid.

Chaidh a dhùnadh a-rithist oidhche na Sàbaid, ach dh'fhosgail e madainn Diluain.

Tha dùil ri aithisg aig deireadh na mìos bhon ath-sgrùdadh, air taobh a-muigh na buidhne, a dh'iarr NHS na Gàidhealtachd air seirbheisean slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois - agus sùil shònraichte ga toirt air a bheil am plana a th' ann a' freagairt air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.