Farpais seachad air Steòrnabhagh-Glaschu

Itealan Eastern Airways aig Port-Adhair Steòrnabhaigh

Tha farpais eadar Flybe agus Loganair air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Glaschu seachad.

Tharraing Flybe a-mach às an t-slighe, agus iad air co-dhùnadh nach robh gu leòr luchd-siubhail ann airson dà chompanaidh a bhith a' farpais ri chèile oirre.

Bha Eastern Airways a' ruith na seirbheis às leth Flybe.

Thuirt Flybe gu bheil Eastern Airways a-niste a' dol a chur 12 seirbheis a bharrachd san t-seachdain air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain, seirbheis an an t-Sàbaid nam measg.

Thig seirbheisean Flybe eadar Steòrnabhagh agus Glaschu gu ceann air 4mh am Màrt.

Thuirt Flybe gun deadh slighe eile a thabhainn air a h-uile neach-siubhail air a bheil an t-atharrachadh seo a' toirt buaidh, no an t-airgead air ais.

Thuirt Loganair gun obraich iad còmhla ri Flybe airson dèanamh cinnteach gum faigh luchd-siubhail a th' air ticeadan a cheannach gu an cinn-ùidhe.