Misneachd do Chounty

Owen Coyle Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e air a mhisneachadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh 4-1 air Dùn Dè Disathairne.

Cha robh County air gin de na 13 geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh.

Chaidh iad air thoiseach aig Pàirce Dens Disathairne le tadhal bho Davis Keillor-Dunn dìreach às dèidh leathach-ùine.

Fhreagair Kerr Waddell gu sgiobalta do Dhùn Dè, ach chuir an uairsin Alex Schalk dà thadhal ann an trì mionaidean do Chounty.

Chuir Tim Chow gleans air a' ghnothach le tadhal eile anns na diogan mu dheireadh.

Bha Owen Coyle air a dhòigh le mar a thachair.

Faochadh

"Bha sinn gu math feumach air geama a bhuannachadh", thuirt Coyle.

"Tha fios glè mhath agam, mar as fhaide a bhios tu a' dol gun buannachadh, 's ann nas duilghe a tha e a' fàs.

"'S e an rud a bha fìor mhath, às dèidh dhuinn a dhol air thoiseach is an uairsin air tadhal a chall, an spiorad a sheall na balaich.

"Le mar a bha cùisean a' dol dhuinn, bhiodh e air a bhith furasta dhaibh gèilleadh, ach chan e sin a rinn iad", thuirt e.

Tha County fhathast aig bonn na lìge, ach a-nise chan eil iad ach trì puingean air cùl Hamaltan.

Bidh iad nan tàmh Disathairne seo tighinn is Cupa na h-Alba ann, is an ath-gheama an aghaidh Hearts ann an Inbhir Pheofharain Disathairne an 17mh.