Ionad-Stiùiridh Inbhir Nis a' dùnadh

Poileas Alba

Tha Ionad Stiùiridh nam Poileas ann an Inbhir Nis a' dùnadh Dimàirt, a' ciallachadh nach tèid gairm èiginn chun nam Poileas a fhreagairt air a' Ghàidhealtachd tuilleadh.

Bha am plana seo riamh connspaideach, agus dragh air cuid gum biodh eòlas ionadail ga chall.

Ach tha àrd-oifigearan ag ràdh gu bheil an structar ùr a' ciallachadh gum faigh gach coimhearsnachd ann an Alba seirbheis nas fheàrr.

Tha ionad stiùiridh Phoileas Alba airson a' chinn a tuath gu lèir a-nise stèidhichte ann an Dùn Dè.

Thèid na fònaichean a fhreagairt ann an Tobair na Màthar, Baile a' Ghobhainn agus Gleann Bilston cuideachd.

Chaidh obair a thabhainn dha luchd-obrach a bha ag obair ann an ionad stiùiridh Inbhir Nis san aonad ùr rannsachaidh nàiseanta aig na Poilis sa bhaile.

Chaidh draghan a thogail le luchd-poileataigs air Ghàidhealtachd - ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd nam measg - is iad iomagaineach gun deadh eòlas ionadail a chall.

Ach a rèir an Leas-Àrd-Chonstabal taghte, Iain Mac Dhùn Lèibhe, 's e seo a' chiad turas bho chaidh Poileas Alba a chruthachadh a bhios an dùthaich gu lèir a' faighinn seirbheis bho aon ionad stiùiridh, a' ciallachadh gum bith e comasach dèiligeadh ri tachartasan mòra ann an dòigh nas èifeachdaich.