Iasgair air bàsachadh

Cala Scràbasdail Image copyright Gestumblindi
Image caption Thill am bàta-iasgaich gu cala Scràbasdail ann an Gallaibh, far a bheil na Poilis a' rannsachadh a' bhàis.

Tha iasgair air bàsachadh an dèidh dha tuiteam bho bhàta far chosta tuath na Gàidhealtachd.

Chaidh am fireannach a chuideachadh air ais air bòrd le buill eile den chriutha, ach cha deach aca air a thoirt air ais gu mothachadh.

Thachair an tubaist faisg air Diùrnais ann an Dùthaich MhicAoidh oidhche Luain.

Thill am bàta-iasgaich gu cala Scràbasdail ann an Gallaibh, far a bheil na Poilis a' rannsachadh a' bhàis.