"Dleastanas" air Loganair do dh'Eileanaich

Plèana

Tha dleasatanas a-niste air Loganair seirbheis cheart a thoirt do mhuinntir nan Eilean Siar.

Sin beachd Chathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, an dèidh dha tighinn am follais Diluain gu bheil Flybe a' sgur de na seirbheisean acasan eadar Steòrnabhagh 's Glaschu aig toiseach a' Mhàirt.

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gum feum Loganair a bhith dìleas do luchd-siubhail.

"Chan urrainn dhomh a ràdh gun tàinig seo mar chlach às an adhair ann an dòigh sam bith. Bha caran dùil againn ri seo," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha e soilleir gun robh an dà chompanaidh a' call tòrr airgid anns an fharpais a bha seo, agus cha robh fhios againn cò a sguireadh an toiseach.

"Tha mi a' creidsinn, a' chiad rud a chì sinn, gum faic sinn na prìsean a' dol suas.

"Ach tha mi an dòchas an lùib sin, gum bi Loganair mothachail dhan taic a fhuair iad. An dìlseachd a sheall a' choimhearsnachd seo dhaibh.

"Tha fhios againn uile gum feum an t-seirbheis a bhith seasmhach, agus tha mi a' creidsinn aig deireadh an là gun tèid prìsean suas, ach tha mi an dòchas gun tèid an cumail caran rianail, nach eil iad gu bhith cho àrd agus gun cuir iad daoine dheth," thuirt e.

Ged a tharraing Flybe/Eastern a-mach às an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Glaschu, tha iad air innse gun leudaich iad an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain.

"Tha mi uabhasach toilichte sin fhaicinn," thuirt Mgr Robasdan.

"Chan fhaca mi clàran-ama airson sin fhathast, ach sin rud a tha a' Chomhairle air a bhith a' strì airson fhaicinn airson iomadach bliadhna agus gu deimhinne tha e math dha-rìribh an naidheachd sin fhaighinn.

"Agus tha mi an dòchas gum bi daoine taiceil dhan t-seirbheis sin cuideachd agus gun cuir iad feum air, airson gum bi e maireannach," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo