A' cuimhneachadh an Tuscania

Cuimhneachan an Tuscania

Chaidh tachartas sònraichte a chumail an Ìle Diluain, agus 100 bliadhna ann bho chaidh an soitheach SS Tuscania a chur fodha le toirpèado bho bhàt-aigeann Ghearmailteach.

Chaill 200 saighdear Aimeireaganach am beatha.

Chaidh seirbheis chuimhneachaidh a chumail aig a' carragh-chuimhne air Maol na h-Obha, agus aig Cladh Chill Achdain faisg air Port Ilein.

"Tha dìreach ceud bliadhna a-nis, agus tha sinn a' cuimhneachadh mar a thachair, mar a chaidh an Tuscania a chur fodha air a' chòigeamh là den mhìos a tha seo, agus na thàinig de chuirp air tìr," thuirt Seumas MacPhàrlain, a bha an làthair aig an t-seirbheis chuimhneachaidh.

Uaigheannan

"O chionn 's ann dìreach aig deireadh a' chogaidh a bha e, agus bha muinntir an eilein, chaill iad na ceudan iad fhèin - còrr air 220 de mhuinntir an eilein fhèin.

"Cha mhòr nach robh teaghlach anns an eilean nach deach bualadh orra. Chaill iad fir agus gillean òga, teaghlaichean.

"Agus cha robh iad ach dìreach aig an àm sin a' faotainn fios, tha mi a' tuigsinn gun robh mìosan bho chaidh am marbhadh agus bha sin a' tighinn orra, bha iad a' faotainn fios, agus na cuirp a bhith a' tighinn air tìr de na gillean Aimeireaganach a bha sin a thug cuideachadh anns a' chogadh.

"Chuidich iad mòran a shàbhaladh. Gu h-àraid na tuathanaich is na croitearan aig Maol na h-Obha far an tàinig mòran air tìr.

"Bha feadhainn beò, ach b' fheudar dhaibh dol a-mach don fhairge le ròpaichean orra, gan slaodadh a-steach, gus gan toirt do na taighean aca agus cuideachadh a thoirt dhaibh.

"Gam beathachadh. Feadhainn de na mnathan, bha iad a' deasachadh fad na h-oidhche agus a' beathachadh nan gillean òga.

"Bha aon de na taighean agus bha 90 anns an taigh. Taigh beag, ach thug iad an t-aodach aca fhèin dhaibh, blancaidean 's aodach 's rud sam bith a bh' aca 's gam beathachadh feadh na h-oidhche.

"Oidhche ghrannda, fuar, agus gillean, feadhainn aca cha do mhair iad, thàinig crìoch orra.

"Ach dhein iad mòran cuideachaidh an glèidheil beò.

HMS Otranto

"Tha sinn a' cuimhneachadh an-diugh, dìreach ag amharc air uaigheannan a th' air fhàgail an seo.

"Seòladairean far an Tuscania. Chan eil ach aon uaigh Aimeireaganach. Chaidh an còrr a thoirt air falbh dhachaigh bliadhna no dhà an dèidh a' chogaidh.

"Tha feadhainn dhiubh ann an cladh faisg air Lunnainn, 's feadhainn an Aimeireaga.

"Thàinig bàta a-steach le cisteachan air an lìneadh le luaidh, agus thug iad na cuirp air falbh.

"Às ceann a tuath an eilein cuideachd, 's ceann an iar, agus a-bhos air an taobh seo, Port Ilein.

"Seo uaigh ann an Cill Achdain, faisg air Port Ilean, agus agus bha uaigheannan eile faisg air far an tàinig iad air tìr, àite a their iad Port nan Gallan ris aig Maol na h-Obha," thuirt e.

Chan e dìreach seirbheis chuimhneachaidh a tha fa-near do mhuinntir Ìle ge-tà, agus tachartasan gu bhith ann fad na bliadhna gus an ceann ceud bliadhna a chomharrachadh.

Aig àm na Càisge, thèid slighe fhosgladh a tha a' ceangal a h-uile làrach an Ìle aig a bheil buntanas don Chogadh Mhòr ri chèile.

Chan ann air call aon soithich a-mhàin a tha na h-Ìlich a' cuimhneachadh am-bliadhna nas motha.

"Tha, anns a' Chèitean tha feadhainn gu bhith a' tighinn às Aimeireaga agus bidh coinneachadh a' dol air aghaidh fad na bliadhna, agus chun deireadh na bliadhna cuideachd," thuirt Mgr MacPhàrlain.

"Bidh sinn a' cuimhneachadh chun deireadh na bliadhna, anns an Fhoghar, no toiseach a' Gheimhridh, mar a thàinig an Otranto a-steach, agus chaidh an t-uabhas a chall an sin - suas ri 500 a chaidh a chall aig Tràigh Chille Chomain," thuirt e.