Deich meuran banca gan glèidheadh

Bàgh a' Chaisteil
Image caption 'S e meur RBS ann am Bàgh a' Chaisteil an aon bhanca a th' air fhàgail ann am Barraigh.

Cumaidh Banca Rìoghail na h-Alba 10 meur bhanca a tha an cunnart dùnadh fosgailte gu co-dhiù deireadh na bliadhna seo.

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na tha de dhaoine a' cleachdadh mheuran banca air feadh na h-Alba, le buidhinn neo-eisimeilich.

Ma sheallas an rannsachadh sin gu bheil barrachd dhaoine a' cleachdadh banca sam bith, thèid sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh air.

'S iad na meuran: Bàgh a' Chaisteil, Biogair, a' Mhanachainn, a' Chomraich (Siorrachd Pheairt), Baile Dhùghlais ann an Siorrachd Lannraig, Gretna, Inbhir Aora, Meallros, Caol Loch Aillse, agus Tunga an Dùthaich MhicAoidh.

Dh'fhoillsich RBS planaichean an-uiridh 62 mheur banca, mòran aca ann an coimhearsnachdan iomallach dùthchail.

Dh'innis àrd-oifigich sa bhanca do chomataidh ann an Westminster gun robh iad a' cumail ris a' phlana.

Thuirt am banca, a th' ann an sealbh na stàite, gu bheil iad a' freagairt air atharrachaidhean anns an dòigh sa bheil luchd-cleachdaidh a' cleachdadh nam bancaichean, gu h-àraid mar a tha barrachd is barrachd bhancaireachd a-niste ga dhèanamh air-loidhne.

Rinn luchd-poileataigs agus ùghdarrasan ionadail dubh-chàineadh air na planaichean.

'S e am meur ann am Bàgh a' Chaisteil an aon bhanca a th' air fhàgail ann am Barraigh.

Dh'iarr BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air a' bhanca beachdachadh a-rithist air a' phlana.

Dh'atharraich RBS am beachd a thaobh a bhith a' toirt inneal-airgid a' bhanca air falbh, ach dhearbh iad do Mhgr MacNèill gun dùineadh iad an còrr den làraich.

'S ann an Loch Baghasdail, 25 mìle air falbh thar a' chaolais an Uibhist a Deas a tha am banca eile as fhaisge air Bàgh a' Chaisteil.

Mar phàirt den phlana ùr, coimheadaidh RBS ri bhith a' fosgladh mheuran ùra air feadh na h-Alba, agus a' toirt seachad seann mheuran do bhuidhnean coimhearsnachd an-asgaidh.

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh cuideachd air na h-uairean fosglaidh aig meuran a' bhanca nach tèid a dhùnadh.