Binn air dràibhear a bhuail am fireannach

Andrei Sinzieanu Image copyright Police Scotland
Image caption Bha Andrei Sinzieanu fo bhuaidh na dibhe, agus air a chasg bho a bhith a' dràibheadh nuair a thachair an tubaist.

Chaidh binn prìosain fad ceithir bliadhna a chur air fear à Ròmainia, às dèidh dha bualadh ann am fireannach le càr, agus a dhroch ghoirteachadh, ann an Inbhir Nis.

Chaidh casg-dràibhidh fad sia bliadhna cuideachd a chur air Andrei Sinzieanu.

Bha Sinzieanu, 26, fo bhuaidh na dibhe agus a' dràibheadh aig astar an uair a bhuil e ann an Steve Friseal a bha a' coiseachd air drochaid sa bhaile.

Bha e air a chasg bho a bhith a' dràibheadh aig an àm cuideachd.

Rinn e às às dèidh na tubaiste a dh'fhàg gun robh Mgr Friseal air a dhroch leòn.

Chuala a' chùirt gun do dh'fhulaing Mgr Friseal iomadach lot san tubaist, cnàmhan briste agus dochann air an adha aige.

Tha e air ionnsachadh coiseachd às ùr, agus chaidh aige air tilleadh dhan obair aige mar gheamair.

Dh'aidich Sinzieanu gun robh e ciontach de shia chasaidean - dràibheadh fo bhuaidh na dibhe, dràibheadh gu cunnartach, dràibheadh fo chasg, dràibheadh gun àrachas, ag adhbharachadh droch leòn, agus oidhirp bacadh a chur air ceartas le bhith a' teicheadh.