Fathanas son 10 meuran RBS
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Thèid 10 meuran a bha RBS am beachd dùnadh, a chumail fosgaitle gu deireadh na bliadhna

6 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhoillsich Banca Rìoghail na h-Alba gum faigh deich de na bancaichean ionadal a bha'd am beachd dùnadh fathanas gu deireadh na bliadhna.

Tha bancaichean Bhagh a' Chaisteil, Inbhir Aora agus a' Chaoil am measg na meuran a dh'fhanas fosgailte as deidh an t-Òg Mhios.

Thubhairt RBS gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air na tha do dhaoine gan cleachdadh mas tèid co-dhunadh deireanach a dhèanamh an ath bhliadhna.

Seo am fear naigheachd poiliticeach againn, Mìcheal MacNeill.