CHAT aig Holyrood

Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd
Image caption Rugadh a' mhòr-chuid de naoidhean à Gallaibh ann an ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis bho dh'atharraicheadh an t-seirbheis mhàthaireil san sgìre.

Choinnich a' bhuidheann-strì CHAT, a tha ag iomairt airson seirbheisean slàinte a ghlèidheadh ann an Gallaibh, ri Rùnaire na Slàinte, Shona Robison ann an Dùn Èideann Diciadain

Tha iad ag ràdh nach eil earbsa aca tuilleadh ann am buill Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Tha mòran ann an Gallaibh air a bhith mì-thoilichte bho chaidh an t-seirbheis mhàthaireil ionadail a chur fo stiùir mnathan glùine seach àrd-dhotairean an-uiridh.

Aig a' cheart àm, tha dragh ann gun tig lùghdachadh air an àireamh leapannan anns na trì ospadalan sa cheann a tuath.

"Èisteachd"

Thuirt Cairstiona Stone a tha a' fuireach anns an sgìre gu bheil iad airson na draghan aca a chur fa chomhair a' mhinisteir.

"Tha sinn dìreach ag iarraidh gun èist i, anns a' chiad dol a-mach - tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu na h-aon dhraghan a-nis airson ùine mhòir ... chan eil earbsa air fhàgail agus nuair a tha earbsa a' falbh chan eil mòran air fhàgail mar bhun-stèidh airson gluasad air adhart".

Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gur e cion ionmhais, agus cho duilich 's a tha luchd-obrach fhastadh, a tha a' fàgail gum feum iad gearraidhean a chur an sàs.

Tha Cairstiona Stone ag ràdh ge-tà, gun fhiach sgrùdadh a dhèanamh air suidheachadh an ionmhais.

"Nam biodh cuideigin eile ann - neo buidheann eile - a dhèanadh sgrùdadh mionaideach a bheil dòigh sam bith ann air an ionmhas sin a roinn a-mach ann an dòigh a tha a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a tha - mar a tha sinn fhìn - air an iomall, a' faighinn cothrom ruighinn a-mach airson cuideachadh nuair a tha feum againn an àite a bhith a' gabhail rathad a tha a' dol a thoirt faisg air còig uairean de thìde a dhol sìos agus tilleadh ma tha sinn ann an èiginn sam bith".

Tha am Bòrd Slàinte mar-thà air gealltainn ath-sgrùdadh a dhèanamh air seirbheisean slàinte Ghallaibh 's bidh sin a' tòiseachadh an ath-mhìos.