Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Còirichean Obrach

Chaidh riaghailtean nas cruaidhe fhoillseachadh air còirichean do luchd-obrach aig nach eil cosnadh tèarainte anns an eaconomaidh fhosgailte. Am measg sin tha càin air companaidhean nach cùm ri cùmhnantan no a nì dìmeas air luchd-obrach. Thuirt an Riaghaltas gun cuir an t-atharrachadh fada a bharrachd dìon air feadhainn nach eil ann an cosnadh tèarainte.

Pàigheadh Tesco

Tha coltas ann gum faodadh cosgais cho mòr ri £4bn tighinn air Tesco, agus boireannaich a tha ag obair dhan chompanaidh a' togail cùis-lagha mu mhì-chothromachd nam pàigheadh. Tha luchd-lagha ag ràdh gu bheil boireannaich a tha ag obair anns na bùthainnean a' cosnadh gu math nas lugha na fir a tha ag obair anns na taighean-stòra, ged a tha iad ri obair den aon sheòrsa. Thuirt Tesco gu bheil an luchd-obrach a' faighinn am pàigheadh gu cothromach ge b' e dè an gnè.

Brexit

Tha Theresa May agus na h-àrd-mhinistearan aice a' coinneachadh aig Sràid Downing a dheasbad dè an ath-cheum ann an còmhraidhean Bhrexit. Thuirt Seòmraichean Malairt Bhreatainn gum feum an Riaghaltas a bhith gu math nas soilleire na tha iad air a bhith, oir gu bheil a' mhì-chinnt dona do ghnìomhachas.

Obair Dhìomhair nam Poileas

Tha Buidheann Sgrùdaidh nam Poileas an Alba ag ullachadh airson aithisg fhoillseachadh air obair dhìomhair nam Poileas. Tha rannsachadh poblach ann an Sasainn mu obair dhìomhair anns a bheil na Poilis an sin an sàs, ach chan eil dùil gun iarr Rùnaire a' Cheartais rannsachadh den aon sheòrsa an Alba.

Buidseat Comhairle nan Eilean Siar

'S ann eadar airgead a chaidh a chur an dàrna taobh, sàbhalaidhean agus àrdachadh anns a' chìs chomhairle a tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur romhpa na leabhraichean a chothromachadh. Tha a' Chomhairle a' coinneachadh an-diugh airson buidseat na bliadhna seo tighinn aontachadh agus iad £4m gann air na dh'iarradh iad. Tha moladh ann gum bu chòir 3% a chur air a' chìs chomhairle.

Riaghaltas na Gearmailt

Chaidh co-bhanntachd riaghlaidh ùr aontachadh anns a' Ghearmailt. Bha an dùthaich gun riaghaltas foirmeil bho dh'fhaillich air pàrtaidh an t-Seansalair Angela Merkel mòr-chuid fhaighinn anns an taghadh anns an t-Sultain an-uiridh.