Ceist mun talamh aig Port-adhair Steòrnabhaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist air nochdadh a bheil còir aig croitearan air talamh Phort-adhair Steòrnabhaigh

7 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HIAL, air a dhol gu Cùirt an Fhearainn 's iad ag iarraidh dearbhadh a bheil còir aig croitearan Mhealboist is Bhràigh na h-Aoidhe air talamh Phort-adhair Steòrnabhaigh.

Tha HIAL a beachdachadh air an làrach a leasachadh, ach chan eil e soilleir dè na còirichean a th' aig na croitearan air an talamh a chaidh a thoirt bhuapa aig àm an Dara Cogaidh.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.