Bile nan Eilean ga dheasbad

Oighreachd Sgealasgro Image copyright David F Cooke
Image caption Tha am bile ag amas air coimhearsnachdan eileanch a neartachadh

Bidh am bile a tha ag amas air coimhearsnachdan eileanach na h-Alba a dhìon agus a neartachadh ga dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

'S anns às an iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" - co-obrachadh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairlean Arcaibh 's Shealtainn - a thàinig Bile nan Eilean.

Thuirt Ministear nan Eilean, Humza Yousaf, gur e reachdas fìor chudromach a tha seo a nì cinnteach gu bheil feairt ga thoirt air feumalachdan sgìrean eileanach nuair a tha co-dhùnaidhean gan dèanamh leis an Riaghaltas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile