Gàidhlig ga brosnachadh an ceann a tuath Leòdhais

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn gu bhith a' fastadh Oifigeir Leasachaidh Ghàidhlig a bhrosnaicheas an cànan air feadh na sgìre aca.

Tha am pròiseact, anns a bheil luach còrr air £100,000 agus a mhaireas trì bliadhna, a' faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bithear a' cur air adhart sreath thachartasan agus iomairtean Gàidhlig a thogas air an dlùth-cheangal a th' aig an sgìre ris a' Ghàidhlig.

Thathas cuideachd airson 's gum bi barrachd chothroman aig muinntir na coimhearsnachd Gàidhlig ionnsachadh, a thuilleadh air a bhith a' taisbeanadh a' chànain do luchd-turais.

Thuirt cathraiche an Urrais, Agnes Rennie, gum bi an t-oifigear Gàidhlig a' bruidhinn ri buidhnean agus gnìomhachasan anns an sgìre, airson cothroman aithneachadh an cànan a thoirt air adhart.

"Tha fhathast meall math de luchd-bruidhinn na Gàidhlig anns an sgìre agus tha sin feumail - aig a h-uile aois - ach tha cuideachd sluagh ùr a' gluasad a-steach dhan sgìre agus gu leòr dhiubh a' coimhead ris a' Ghàidhlig ionnsachadh agus tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi cothroman ann dhaibh".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile