£200,000 ga thogail le iomairt choimhearsnachd

Nancy Glen TT100 Image copyright Iain Cameron
Image caption Chaill dithis am beatha nuair a chaidh an Nancy Glen fodha

Tha iomairt choimhearsnachd airson am bàt-iasgach a chaidh fodha an Loch Fìn an Earra-Ghàidheal anns an Fhaoillleach a thogail air còrr is £200,000 a thogail mar-thà.

Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' dèanamh sgrùdaidh air an Nancy Glen an t-seachdain seo.

Chaill dithis am beatha nuair a chaidh am bàta fodha air an 18mh là dhen Fhaoilleach.

Chaobh cobhair a dhèanamh air an treas duine le bàta a bha a' dol seachad.

Thathas an dùil gu bheil cuirp aig dithis den chriutha fhathast air bòrd a' bhàta, a tha na laighe còrr air ceithir ceud troigh fon uachdar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo