Lorgadh seòmar bho Linn an Iarainn an Nis

Souterrain Image copyright Dòmhnall MacSuain
Image caption 'S dòcha gun deach an soutterrain a' chleachdadh 'son biadh a' stòrradh

Fhuaireadh seòmar fon talamh bho Linn an Iarainn ann an Nis, Leòdhas.

Chaidh an soutterrain a lorg fhad 's a bha fear-togail a' cladhach làraich airson taighe ùir.

Image copyright Dòmhnall MacSuain
Image caption Arceòlaichean Chris agus Rachel Barrowman aig an làrach

Tha arceòlaichean, Chris agus Raonaid Barrowman, a' clàradh na tha na bhroinn.

Tha diofar bheachdan air dè bhiodhte a' dèanamh leis - nam measg gum biodh iad a' stòradh bìdh ann.

Image copyright Chris Barrowman
Image caption Tha arceòlaichean a' clàradh aig an t-soutterrain.

"Mar as trice tha iad ceangailte ri taighean-cruinn a' Chuain Shiar bho Linn an Iarainn.

"Ma bha am fear seo fasig air taigh-cruinn, feumaidh gun deach an taigh-cruinn a sguabadh air falbh."

Image copyright Chris Barrowman
Image caption Chaidh an t-seòmar a' lorg fhad's a bhathas a' cladhach son taigh ùr a thogail.

Tha Mgr Barrowman a' tuigsinn gur e seo an t-siathamh soutterrain a chaidh a lorg anns an sgìre.

Bidh arceòlaiche Comhairle nan Eilean Siar ag obair leis an fhear-togail feuch dè bu chòir a dhèanamh a-nise.

Thuirt Mgr Barrowman gum biodh e coltach, às dèidh dhaibh an soutterrain a chlàradh, gun tèid a lìonadh a-staigh, 's gheibh am fear-togail air cumail air leis an taigh.