£200,000 air a thionnal son an Nancy Glen a thogail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

£200,000 air a thionnal son an Nancy Glen a thogail bho ghrunnd na mara

8 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha iomart coimhearsnachd air còrr is dà cheud mìle not a thionnal airson bàta-iasgaich a chaidh fodha faisg air Tairbeart Loch Fìne a thoirt gu barr nam mara.

Chaill Dunnchadh MacDhùghaill agus Przemek Krawczyk am beatha ann a call an Nancy Glen bho chionn trì seachdainean.

Le Buidhean Sgrùdaidh nan Tubaistean Mara a' dèanamh sgrùdadh air an t-eadhar agus far a bheil I na laighe, tha a choimhearsnachd an dòchas nach fhada gus am bidh fios aca dè na bhitheas a dhìth airson a togail.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.