Tagradh ùr mu bhàs Inbhir Ùige
- Air fhoillseachadh

Chaidh tagradh ùr a dhèanamh Dihaoine airson fiosrachaidh mu bhàs ann an Inbhir Ùige ann an 1997.
Chaidh corp Chaoimhin MhicLeòid a lorg ann an caladh a' bhaile.
Bhathas a' dèiligeadh ris a' chùis bho thùs mar thubaist, ach tha teaghlach Mhgr MhicLeòid den bheachd gun deach a mhurt.
Thabhainn na Poilis leisgeul air an teaghlach san Dùbhlachd mun dòigh anns an deach an rannsachadh a dhèanamh bho thùs.
Dh'aidich an Lea-Àrd-Chonstabal Iain Livingstone gun robh "laigsean mòra" ann an rannsachadh Phoilis a' Chinn a Tuath.
Thuirt e gun do chaill iad cothrom fianais chudromach a thrusadh.
Dihaoine, 21 bhliadhna bho bhàs Chaoimhin MhicLeòid, rinn na Poilis tagradh ùr mun chùis.
Thuirt teaghlach Chaoiminn gu bheil iad cinnteach gu bheil daoine ann aig a bheil fiosrachadh mun bhàs.
Dh'iarr iad orra a thighinn air adhart is a bhruidhinn ris na Poilis.