"Buidseat cothromach" - Mairead Davidson
- Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad air "buidseat cothromach" a dhealbh, a dh'aindeoin draghan bho na h-aonaidhean.
Coinnichidh an t-ùghdarras Diardaoin gus am buidseat a dheasbad.
Feumaidh iad dèiligeadh ri toll £15m san ionmhas airson 2018/19.
Thuirt Mairead Davidson gu bheil iad air seirbheisean a dhìon.
Thuirt i nach bi buaidh air foghlam no buidseatan nan rathaidean is a' Gheamhraidh.
Tha i ag ràdh cuideachd gu bheil i an dòchas nach tèid duine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.
Thèid cuid de dh'obraichean a ghluasad taobh a-staigh na buidhne ge-tà, is dùil gum bi buaidh air mu 50 cosnadh.
Sàbhaladh
Tha an t-ùghdarras a' moladh gearradh suas ri 40% a dhèanamh air an airgead a tha buidhnean ealain, saor-thoileach agus coimhearsnachd a' faighinn bhuapa.
Bheireadh seo buaidh air Taigh-Cluiche Eden Court, an fhèis-chiùil BLAS agus Taic nam Ban, am measg eile.
Rachadh cùram ro agus às dèidh na sgoile, cìsean parcaidh, agus cìsean sgudail uile suas co-dhiù 10%.
Tha na h-aonaidhean air draghan a thogail mu na gearraidhean.
Thuirt Pòl Mac a' Phearsain bhon GMB gur ann air luchd-obrach na Comhairle a bhios a' bhuaidh as motha.
Thuirt Mgr Mac a' Phearsain gu bheil gearraidhean air a bhith a' bualadh air na h-ùghdarrasan ionadail fad deich bliadhna.
Tha e ag ràdh nach urrainn dhan t-suidheachadh leantainn.