Ceistean mu sgoiltean na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Bun-Sgoil an Ath Leathainn

Tha BPA an Eilein Sgitheanaich a' cur ceist carson a tha Comhairle na Gàidhealtachd air sgoiltean leithid Bun-Sgoil an Ath Leathainn fhàgail ann an staid cho dona.

Tha seo an dèidh do Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, a ràdh rithe gun d' fhuair a' Chomhairle mòran airgid tro na bliadhnaichean fon geama Schools For The Future.

'S e taic-airgid a bha sin airson sgoiltean, a bharrachd air airgead-calpa na Comhairle, a rèir Mhgr Swinney, a mhol gun deadh dèiligeadh ri staid Bhun-Sgoil an Ath Leathainn mar chùis èiginn.

Diardaoin, thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Iain Finlayson, gun dèanadh esan argamaid airson gun nochdadh Bun-Sgoil an Ath Leathainn agus Bun-Sgoil Dhùn Bheagain air plana calpa na Comhairle.

Buidseat Calpa

Thuirt Ceit Fhoirbeis BPA gun d' fhuair Comhairle na Gàidhealtachd barrachd airgid na a' chuid as motha de dh'ùghdarrasan mu choinneimh sgoiltean.

"Sgrìobh mi fhèin agus clann na bun-sgoile san Ath Leathann gu Mgr Swinney a' faighneachd carson a bha an sgoil ann an droch staid," thuirt i.

"Is thuirt esan gun d' fhuair Comhairle na Gàidhealtachd an dàrna suim as àirde bho Riaghaltas na h-Alba airson Schools For The Future - 's e prògram a th' ann airson sgoiltean ùra a thogail.

"Ged a fhuair Comhairle na Gàidhealtachd an dàrna suim as àirde, tha fhathast na sgoiltean as miosa ann an Alba ann an sgìre na Gàidhealtachd.

"Tha ceist an sin, càite an deach an t-airgead? Càite an do chosg Comhairle na Gàidhealtachd an t-airgead seo?

"Tha fhios againn gu bheil Bun-Sgoil an Ath Leathainn ann an droch staid. Agus a' bhun-sgoil ann an Inbhir Gharradh.

"Tha fhios againn gu bheil an sgoil anns an Eilean Dubh cuideachd ann an droch staid.

"'S e sin dìreach trì sgoiltean a th' ann an droch staid.

"Ach tha iad a' cosg an airgid ann an Inbhir Nis air sgoiltean ann an Inbhir Nis.

Dleasdanas

"Thuirt Mgr Swinney nach robh an t-airgead bho Schools For The Future an àite a' bhuidseit chalpa a th' aig Comhairle na Gàidhealtachd mar thà.

"Tha buidseat aca airson sgoiltean ùra.

"'S e dleastanas na Comhairle na sgoiltean a chumail agus a chàradh, ach chan eil iad ga dhèanamh - gu h-àraid anns an Eilean Sgitheanach," thuirt i.

Thathas a' feitheamh ri beachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd.