Obraichean-lannsa gan cur dheth
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Obraichean-lannsa ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis gan cur dheth

9 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dùil gum bi co-dhiù seachdain eile ann mus tòisich obair-lannsa ris an robh dùil aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Chaidh innse an-dè gu bheil na seòmraichean-lannsa air an dùnadh, agus sgàinidhean beaga air an lorg sna ballachan, agus duslach is eile nach bu chòir a bhith ann, air a lorg annta.

Thèid obair-lannsa èiginneach a dhèanamh mar a tha a dhìth ge-tà.

Seo Doneil MacLeòid.