£500,000 do MG ALBA

Stiùideo
Image caption Thèid leasachadh a dhèanamh air goireasan ann an stiùideo Steòrnabhaigh

Tha MG Alba air fàilte mhòir a chur air maoineachadh de £500,000 a dh'fhoillsich Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, airson goireasan stiùideo ann an Steòrnabhagh a leasachadh.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh aig cuirm FilmG ann an Glaschu oidhche Haoine.

Thèid an t-airgead a chosg air an stiùideo air Rathad Shìophoirt a leasachadh, gus am bi goireasan nas fheàrr ann airson prògraman a dhèanamh, agus air cothroman trèanaidh do dh'òigridh aig a bheil ùidh anns na meadhanan.

Thuirt Mgr Swinney gum biodh an taic seo cuideachd na bhuannachd do dh'eaconomaidh Leòdhais.

'S ann bho Mhaoin Calpa na Gàidhlig a thig an t-airgead.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile