Sgoil dùinte ri linn sgàineadh ann am pìob uisge

Fuirichidh Bun-sgoil Chrombaidh dùinte Diluain agus Dimàirt an dèidh sgàineadh ann am pìob uisge.

Bha luchd-togail agus oifigich na comhairle an dùil sgrùdadh a dhèanamh air an t-suidheachadh air an deireadh-sheachdain.

Thèid obair-càraidh a dhèanamh cuideachd.

Bidh coinneamh ann Diluain agus thig fios an dèidh sin cuin direach a dh'fhosglas an sgoil.

Thuirt Stùiriche a' Chùraim agus an Ionnsachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Alexander, nach deach milleadh mòr a dhèanamh air an togalach ri linn a' chuideachaidh a fhuair iad bho phàrantan, luchd-obrach na sgoile agus luchd-obrach na comhairle''.

"'S e suidheachadh doirbh a th'ann agus tha sinn a' gluasad gu sgiobalta gus am fosgail an sgoil ann an ùine nach bi fada''.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile