Sgoiltean dùinte ri linn an t-sneachda

Sneachda Image copyright Reuters
Image caption Tha na mìltean chloinne far na sgoile

Thug sneachda agus reòthadh dìon oidhche na Sàbaid buaidh air sgoiltean, rathaidean agus seirbheisean còmhdhail air a' Ghàidhealtachd Diluain.

Tha 55 sgoil san sgìre dùinte no a' fosgladh nas anmoiche nan àbhaist.

Thug sin buaidh air 2,000 sgoilear.

Air na rathaidean, bhuail làraidh ann an drochaid rèile aig Achadh nan Seileach air Taobh Siar Rois.

Tha a-nis dàil air an t-seirbheis eadar an Caol agus Inbhir Nis.

Rabhadh buidhe

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a sgaoileadh airson sneachda agus deigh.

Dh'innis iad gu faodadh gum bi maille air na rathaidean agus air seirbheisean comhdhail.

Dh'fhaodadh gum bi deigh na chunnart air cabhsairean, slighean baidhseagail agus eile nach deach a shailleadh.

Thuirt àrd-eòlaiche na side gu bheil dùil ri frasan fline agus sneachda Diluain.

Bidh na frasan as truime air taobh siar agus ann an ceann a tuath na h-Alba.

Tha dùil ri eadar dhà agus còig ceudamatair de shneachda, le suas ri 10cm de shneachda air talamh àrd.