Cobhair air fear-sreap Duitseach

Iomairt teasairginn Image copyright CMRT
Image caption Mhair an iomairt-teasairginn naoi uairean de thìde

Rinn sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh comhair air fear-sreap às an Olaind a chaidh a ghlacadh ann an cathadh aig mullach beinne Disathairne.

Bha casan agus brogan an duine air reothadh.

B'fheudar dhan luchd-teasairiginn sreap gu mullach a' Chàirn Bhàin Mhòir 's cathadh a' cur maille air an heileacoptair bho bhith a' faighinn thuige.

Mhair an iomairt-teasairginn naoi uairean de thìde.