Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

12 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Oxfam

Tha dùil gun iarr oifigearan Oxfam air Rùnaire an Leasachaidh Eadar-nàiseanta gun maoineachadh luach nam milleanan notaichean a thoirt bhuapa. Bidh coinneamh aca le Penny Mordaunt fhathast an-diugh, às dèidh dha a thighinn a-mach gun deach cuid de luchd-obrach na buidhne còmhla ri siùrsaich ann an Haiti às dèidh na crith-thalmhainn mòire an sin bho chionn seachd bliadhna.

Hamburg

Thuirt caraidean dha fear à Inbhir Nis a chaidh a dhìth ann an Hamburg - nach eil e idir coltach ris falbh gun innse do dhaoine. Chaidh Liam Colgan, naoi bliadhna fichead, fhaicinn mu dheireadh ann an uairean beaga na maidne Disathairne. Chuir Mgr Colgan an turais le caraidean air dòigh ro bhanais a bhràthair.

Fear-sreap

Chaidh an iomairt-teasairginn airson sreapadair a chaidh a dhìth air taobh siar Rois a chur dheth rè-ùine air sgàth na h-aimsire.

Chaidh na bràithrean Niall agus Ailean Gibson air chuairt madainn Diardaoin ann an Achadh nan Seileach. Chaidh corp Ailein, aois leth-cheud 's a sia, a lorg sa mhadainn Disathuirne, ach cha d'fhuairear sgeul air Niall, trì fichead bliadhna 's a trì. Chaidh stad a chur air an iomairt-teasairginn an-diugh ri linn 's gu bheil cathadh ann agus seach gu bheil an cunnart bho mhaoimean-sneachda air a mheas àrd.

Stormont

Tha am Prìomhaire agus Taoiseach na h-Èireann ann am Beul Feairt an-diugh gus còmhraidhean a chumail le pàrtaidhean Stormont mu bhith a' stèidheachadh fèin-riaghladh às ùr. Chan eil dùil gun tèid aonta a ruighinn an-diugh.

Tubaist

Fhuair luchd-teasairginn anns an Ruis lorg air an dàrna bucas dubh bhon itealan a thàinig sìos goirid as dèidh dhith Moscow fhàgail Là na Sàbaid. Chaidh an trì fichead daoine sa h-aon deug a bh' air bòrd a mharbhadh. Thuirt Ministear Èiginneach na Ruis gu bheil iad airson 's gun tig an iomairt-teasairginn gu crìch a-nochd fhathast.

MG ALBA

Chuir MG ALBA fàilte air maoineachadh a bharrachd de leth-mhillean not bho Riaghaltas na h-Alba. Thèid an t-airgead a chosg air Studio Alba ann an Steòrnabhagh a leasachadh agus cuideachd air trèanadh is prògraman ùra.

Taliban

Dhearbh an Taliban ann am Pacastan gun do bhàsaich an leas-cheannard aca. Tha iad ag ràdh gun do bhàsaich Khalid Mehsud ann an ionnsaigh "drone" leis na Stàitean Aonaichte.

Port-adhair

Chaidh a h-uile seirbheis a-mach agus a-steach à Port-adhair London City a chur dheth an-diugh às dèidh mar a chaidh boma bho àm an Dàrna Cogaidh a lorg anns an Thames. Tha cuid de plèanaichean a bha còir a dhol gu London City gan cur gu Southend no gu Stansted.