Càradh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha obair-càraidh a' leantainn ann an seòmraichean-lannsa Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir nis.

Tha dùil gum bi seo deiseal aca Diluain.

Tha sgàineadh ann am ballachan nan seòmraichean-lannsa agus chaidh stad a-rithist a chur air obair-lannsa aig an ospadal.

Air a' mhios a chaidh seachad, chuir dust san togalach stad air obair-lannsa.

Tha dùil gun tèid glanadh domhainn a dhèanamh air na seòmraichean Dimàirt.

Thuirt bòrd-slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad an dòchas gum bi na seòmraichean fosgailte Diluain seo tighinn.

Dh'inns iad gu bheil obair-lannsa èiginneach ga dhèanamh aig an ospadal agus ann an ospadalan Gallaibh, Goillspidh agus sa Ghearastan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo