Sreapadairean slàn sàbhailte

heileacoptair

Tha heileacoptair air cobhair a dhèanamh air fear a bha sreap ann am beanntan a' Mhonadh Ruaidh.

Tha e a-nist a' faighinn cùraim ann an ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.

Bha sgioba teasairginn nam beann sa Mhonadh Ruadh agus heileacoptair-teasairginn Inbhir Nis an sàs san iomairt.

Aig a' cheart àm, thòisich iomairt teasairginn às ùr airson fear a bha a' sreap ann an Loch Abar Didòmhnaich.

Bha aithrisean ann gun do thuit e agus e a' dìreadh Beinn a' Chaorainn faisg air an Drochaid Ruadh, 's dragh ann gu bheil e fhathast a dhìth.

Ach dh'innis sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh gun deach an duine anns an sgìre acasan - agus a chompanach a lorg agus iad ann an duilgheadas sa sgìre.

Trì tursan deug

Air an deireadh sheachdain, bha an sgioba-teasairginn agus heileacoptair-teasairginn Inbhir Nis an sàs ann an iomairt a mhair 9 uairean a thìde nuair a chaidh sreapadair a ghlacadh ann an cathadh.

B' fheudar dhan luchd-teasairiginn sreap gu mullach a' Chàirn Bhàin Mhòire ann an Gleann Fèisidh agus cathadh a' cur maille air an heileacoptair bho bhith a' faighinn thuige.

Dh'iarr Poileas Alba air luchd-coiseachad aire a ghabhail air an aimisir agus a bhith ullaichte air eagal 's gun atharraich an t-sìde gu sgiobalta.

Thuirt iad gun deach sgiobannan teasairginn a ghairm trì tursan deug air an t-seachdain a chaidh seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo