Cunnart gun tèid gàrraidhean BiFab a dhùnadh

Luchd-obrach BiFab Image copyright PA
Image caption Chaidh BiFab a shàbhaladh an-uiridh le taic bho Riaghlatas na h-Alba às dèidh dhraghan gun rachadh e ann an làmhan luchd-rianachd.

Dh'innis luchd-stiùiridh BiFab do na h-aonaidhean gum faigh luchd-obrach fios Dimàirt gu bheil na dreuchdan aca a' falbh.

Tha dùil gum falbh còrr is 250 cosnadh, is teannsa gun dùin gàrraidhean na companaidh an Leòdhas is Fìobha as t-Samhradh.

Bha fios gun robh cùisean doirbh do BiFab, le obair air pròiseict Beatrice a' tighinn gu ceann.

Agus bha a h-uile coltas ann nach biodh obair ann airson na gàrraidhean aca an Àrainis ann an Leòdhas, is aig Methil is Burtisland ann am Fìobha a chumail a' dol.

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil luchd-stiùiridh na companaidh air innse do na h-aonaidhean gum faigh luchd-obrach fios Dimàirt gu bheil na dreuchdan aca a' falbh is gun dùin na gàrraidhean an ceann 45 là.

Tha dùil gum falbh còrr is 250 cosnadh is gun dùin na gàrraidhean ro dheireadh na h-Ògmhìos, mura tig cùmhnantan ùra a-steach.

Thuirt Bob MacGriogair bhon aonadh Unite nach eil an naidheachd na iongnadh is na gàrraidhean air fàs nas sàmhaiche anns na seachdainean mu dheireadh.

Dh'iarr e air an Riaghaltas a dhol an sàs gus dìon a chur air na h-obraichean.