Taic riaghaltais 'son an Nancy Glen a thogail

Przemek Krawczyk agus Donnchadh MacDhùghaill
Image caption Bha Przemek Krawczyk agus Donnchadh MacDhùghaill air bòrd an Nancy Glen nuair a chaidh i fodha san Fhaoilleach.

Chuir ceannardan iasgaich fàilte air an naidheachd gun tèid togail a' bhàt'-iasgaich an Nancy Glen bho ghrunnd na mara a phàigheadh le Riaghaltas na h-Alba.

Chaidh i fodha san Fhaoilleach le dùil gu bheil dithis den chriutha fhathast air bòrd agus Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara air dearbhadh nach biodh iadsan idir ga togail.

Bha Donnchadh MacDhùghaill agus Przemek Krawczyk air bòrd an Nancy Glen nuair a chiadh i fodha air an 18mh là den Fhaoilleach.

Bha i ann an sealladh an Tairbeirt ann an Loch Fìn nuair a chaill iad am beatha.

Rinn Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara sgrùdadh air an làrach far a bheil am bàt'-iasgaich a' laighe air grunnd na mara ach rinn iad dheth nach rachadh aca air a togail.

Thuirt Rùnaire an Iasgaich, Fearghas Ewing, gun cuidicheadh an Riaghaltas oidhirpean na cuirp a thilleadh gu tìr, 's e ag ràdh nach robh e ach ceart gun cuidicheadh an Riaghaltas na teaghlaichean.

Chuir Comann iasgairean Chluaidh fàilte air an naidheachd.