£12m do làraichean eachdraidheil

Caisteal Urchadain Image copyright Stuart Wilding/Geograph
Image caption Tha Caisteal Urchadain agus Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis am measg nan làraichean air an tèid an t-airgead a chosg.

Thèid £12m a chosg air mòran de làraichean eachdraidheil na h-Alba a leasachadh sa bhliadhna a tha romhainn.

Dh'ainmich Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba am plana 's iad airson piseach a thoirt air làraichean agus air seirbheisean do luchd-tadhail.

Tha Dùn Deòrsa agus Caisteal Urchadain air a' Ghàidhealtachd am measg an 20 làrach a gheibh buannachd bhon phlana.

Uile gu lèir tha iad an dòchas £40m a chur an sàs suas gu 2021/22.

"Seo plana in-ionmhais airson feuchainn ri leasachadh a thoirt air an oighreachd againn thar an ath cheithir no còig bliadhna," thuirt Ruairidh Greumach bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

"Tha sinn a' cur romhainn gum bi sinn a' cur beagan a bharrachd airgid - sin £40m thar a' cheithir no còig bliadhna - a-steach gu diofar seòrsa roinnean mar obair-ghlèidhteachais; leasachaidhean air na h-ionadan tadhail againn; leasachaidhean eile air a' bhun-structar a tha mun cuairt air na làraichean, na rathaidean, stuth mar sin.

"Bidh an t-airgead seo ann airson rudan gu math mòr a leasachadh air làraichean, agus sìos gu rudan a tha gu math beag mar taighean-beaga is CCTV is stuth mar sin cuideachd.

"Tha sinn air liosta a dhèanamh de 20 làrach a tha nam prìomhachas dhuinn an-dràsta, agus bidh sin a' gabhail a-steach làraichean mòra mar Chaisteal Dhùn Èideann, suas gu ruige Arcaibh le Mid Howe, agus Cathair-Eaglais Dhùn Chailleann agus Caisteal Dhùn Bhreatainn. Làraichean mar sin.

"Cuideachd Caisteal an Dùin far am faca sinn na h-uiread de dhaoine a' tighinn a-steach mar phàirt de bhuaidh Outlander mar gum biodh.

"Tha sinn dìreach airson seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad dha na daoine a tha a' tighinn a dh'Alba agus dha na làraichean againne - 's tha na h-àireamhan sin a' sìor dhol am meud," thuirt e.