Leasachadh air clàr-ama Loganair

Thig atharrachadh air clàr-ama Loganair airson seirbheisean eadar Beinn nam Fadhla agus Glaschu.

Bidh seirbheis a' fàgail Bheinn nam Fadhla aig 08:40m Diluain agus Dihaoine, aig 11:00m Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin, agus aig 5:30f gach là bho Dhiluain gu Dihaoine.

Bidh seirbheisean a' tilleadh à Glaschu aig 07:15m agus aig 4:00f gach là eadar Diluain agus Dihaoine.

Iarrtas

Thuirt Stiùiriche Coimearsalta Loganair, Kay Ryan, gur e iarrtas bhon choimhearsnachd a thug orra na h-atharrachaidhean seo a dhèanamh.

Bidh an clàr-ama ùr feumail, thuirt i, do dhaoine a tha a' siubhal gu coinneamhan ospadail neo gu coinneamhan obrach ann an Glaschu.

Thig an clàr-ama ùr a-steach air an 27mh là den Mhàrt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile