Cuimhneachan snaidhte dhan Iolaire

Ro-shealladh de phìos den chuimhneachan Image copyright Arthur Watson
Image caption Bidh dealbh de loidhne sàbhalaidh, a chaidh a chleachdadh gus 40 den 79 duine a thàinig troimhe beò a thoirt gu tìr, na phàirt den chuimhneachan.

Chaidh planaichean fhoillseachadh gus cuimhneachan snaidhte a chruthachadh airson 100 bliadhna bho thachair tubaist na h-iolaire a chomharrachadh.

'S iad an t-ionad ealain An Lanntair, ann an Steòrnabhagh, a tha os a chionn.

Tha an tubaist ga meas mar thè de na tubaistean mara as miosa ann an eachdraidh Bhreatainn.

Air a' chiad là den Fhaoilleach an ath-bhliadhna bidh 100 bliadhna ann bho chaill còrr is 200 duine am beatha nuair a chaidh an soitheach a bha a' giùlain shaighdearan dhachaigh gu Leòdhas às dèidh a' Chogaidh Mhòir, air na creagan faisg air beul Loch Steòrnabhaigh.

Chùm An Lanntair coinneamhan poblach far an robh cothrom aig daoine an cuid bheachdan a thoirt seachad air sreath de phlanaichean.

Chaidh aon phlana deireannach a thaghadh, agus thèid sin air adhart le cuideachadh bhon luchd-ealain Will MacIllEathain, Marion Leven agus Arthur Watson.

Cosgaidh an cuimhneachan, air am bi ainm gach duine a chaill am beatha, £100,000.

Thèid fhoillseachadh air a' chiad là den Fhaoilleach 2019.