''Dòchas gun tèid BiFab a cheannach''

Gàradh Aranais

Thuirt BPA nan Eilean Siar gu bheil e dòchasach gun tèid gàrraidhean agus goireasan na companaidh BiFab a cheannach.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn agus a' chompanaidh a' dearbhadh gun tèid cosnaidhean a chall aig na gàrraidhean togail aca ann am Fìobha.

Thuirt iad gu bheil iad fhathast ann an còmhraidhean feuch obraichean a shàbhaladh ge-tà.

Thuirt an t-aonadh Unite gu bheil dùil gun caill 260 duine an cosnadh, mura gabh fuasgladh fhaighinn air trioblaidean BiFab.

Bha luchd-obrach Ghàrradh Àranais ann an Leòdhas air rabhadh fhaighinn ron seo.

Tha dùil gum bi an gàrradh dùinte ro dheireadh a' Mhàirt.

Tha an gàrradh a' crìochnachadh a' phìos mu dheireadh den obair a bha iad a' dèanamh airson tuath-gaoithe Bheatrice.

Ach aig an ìre seo, chan eil càil de choltas gu bheil obair eile a' tighinn dhan ghàrradh.

Dòchas

Tha Mgr Allan an dòchas gun gabh an gàrradh agus na cosnaidhean ceangailte ris a shàbhaladh.

''Tha fhios aig a h-uile duine a-nis tha mi a' creidsinn gu bheil ùidh 's dòcha aig cuideigin eile anns a' chompanaidh,'' thuirt e.

''Chan eil sinn cinnteach mu dheidhinn fhathast. 'S e an cothrom as fheàrr a th' ann nam bheachdsa a-nis, 's e sin gum biodh cuideigin a' ceannach BiFab agus a' cur airgid a-steach gu BiFab agus a' dèanamh cinnteach gu bheil na h-òrdughan a' tighinn dhan eilean.

''Bha Àranais ann an suidheachadh dona o chionn bhliadhnaichean ach thàinig e air ais. Ach feumaidh an Riaghaltas agus a' chompanmaidh agus teansa companaidh ùr a bhith ag obair còmhla ri chèile a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil obair ann,'' thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo