Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Canaidh Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, gum feum an Riaghaltas oidhirp a dhèanamh gus daoine a tha feargach agus dubhach mu Bhrexit a shàsachadh. Canaidh e cuideachd gu bheil tuigse aige air carson a tha iad a' caoidh. Ann an òraid ann an Lunnainn, a thòisicheas a dh'aithghearr, mìnichidh e na tha esan a' faicinn mar bhuannachdan a thig an cois a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Seo a' chiad òraid ann an sreath aig ìre a' chaibineit, agus bidh am Prìomhaire a' bruidhinn air a' chuspair an ceann trì seachdainnean. Tha Sràid Dhowning a' gabhail An t-Slighe gu Brexit air an iomairt seo.

Afraga a Deas

Tha poilis ann an Afraga a Deas air triùir a chur ann an grèim ann an rèidean a bha ag amas air an teaghlach chumhachdach na Guptas. Tha ceangalaichean làidir aca ris a' Cheann-Suidhe Jacob Zuma. Tha na rèidean co-cheangailte ri casaidean gun deach airgead poblach a thoirt air falbh bho phròiseact gus tuathanaich bhochda a chuideachadh. Tha uallach a' sìor fhàs air Mgr Zuma a dhreuchd fhàgail. Tha e a' dol às àicheadh chasaidean coirbteachd.

Dotairean Teaghlaich

Tha eòlaiche slàinte dùthchail a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dol an aghaidh cuid de na molaidhean aca fhèin ann an sgìrean a-muigh air an dùthaich le bhith a' gabhail ri cùmhnant ùr nan dotairean teaghlaich. Tha an Dr. Roger Strasser bho Sgoil Mheidigeach Ontario a Tuath a' cumail a-mach gu bheil an dòigh mhaoineachaidh a thathar a' moladh a' dèanamh leth-bhreith air seirbheisean dotair teaghlaich a-muigh air an dùthaich agus gum faodadh e cuid de sgìrean fhàgail às aonais dotair. Thuirt an Riaghaltas nach tèid maoineachadh a lùghdachadh air ionad meidigeach dùthchail sam bith ge-tà.

Oxfam

Coinnichidh Comisean nan Carthannasan ri àrd-riochdairean Oxfam an-diugh a bhruidhinn air mar a làimhsich iad casaidean de mhì-ghiùlain feiseil am measg luchd- obrach a' charthannais. Thug Rùnaire an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta, Penny Mordaunt, rabhadh seachad gum faodadh taic-airgid an Riaghaltais a bhios Oxfam a' faighinn a bhith ann an cunnart.

Ionnsaigh

Chaidh fear a mharbh duine le bhith ga shàthadh san amhaich ann an ionnsaigh ann an Glaschu a chur dhan phrìosan airson 12 bhliadhna gu leth. Thug Anthony McKellar ionnsaigh air Andrew Salina, a bha 51, ann an taigh ann an Roystonhill anns a' Ghiblean an-uiridh. Thuirt fear-lagha McKellar, Donald Findlay QC, anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun robh an dithis air a dhol a-mach air a chèile mu dheidhinn airgid.