Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin taic a chur ri buidseat an ùghdarrais ionadail airson na bliadhna ionmhais a tha romhainn.

Tha aca ri sàbhalaidhean luach £15m a dhèanamh.

Ged a tha a' Chomhairle air cuid de na gearraidhean as connspaidiche a bh' aca a tharraing is barrachd airgid aca na bha dùil air tighinn bho bhuidseatan riaghaltais, tha an toll sin fhathast aca ri lìonadh.

Bheireadh am buidseat a tha mu choinneamh bhall Diardaoin buaidhair mu 50 cosnadh, ged a tha an t-ùghdaras ag ràdh gu bheil iad an dòchas nach caill duine an obair an aghaidh an toil.

Bhiodh gearradh ann am buidseatan ealain, is àrdachadh ann an cìsean sgudail is parcaidh, am measg eile.

Tha ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, ag ràdh gur e buidseat cothromach a tha seo a chuireas dìon air seirbheisean, ach tha na h-aonaidhean ag ràdh gur ann air luchd-obrach na Comhairle a bhios a' bhuaidh as motha, is nach urrainn dha na gearraidhean leantainn anns na bliadhnaichean ri tighinn.