Àranais agus an ùine fhada

Gàrradh Àranais

Feumaidh còmhraidhean mu na a tha a' dol a thachairt do BiFab aire a thoirt do cho cudromach 's a bhios Gàrradh Àranais do dh'eaconomaidh nan Eilean Siar anns na bliadhnaichean ri teachd.

Sin a rèir Dhòmhnaill Crichton, Cathraiche Comataidh Leasachaidh Sheasmhaich Comhairle nan Eilean Siar, is e ag ràdh gu bheil cothroman mòra an lùib a' ghàrraidh a thaobh a bhith a' cruthachadh agus a' cumail obraichean san sgìre.

Thuirt aonadh an GMB Diciadain nach leig iad le BiFab Àranais a dhùnadh aig deireadh a' Mhàirt.

"Nan robh seo air tachairt ann am baile mòr bhiodh faisg air 4,000 obair air an call," thuirt Mgr Crichton.

"Sin cho cudromach 's a tha e dhan eaconomaidh againn.

"Feumaidh barrachd soilleireachaidh a bhith ann, 's tha sinn ag iarraidh barrachd taic a thighinn a-steach bhon Riaghaltas, airson feuchainn ri cùmhnantan a thoirt a-steach airson an gàrradh a bhith a' dol air adhart anns na mìosan agus na bliadhnaichean a th' air thoiseach.

"Feumaidh sinn a bhith an dòchas gu bheil an Riaghaltas ag obair gu cruaidh airson companaidh fhaighinn a-steach, airson nach bi sinn anns an t-suidheachadh far a bheil an gàrradh air a dhùnadh. Chan eil sinn ag iarraidh sin fhaicinn idir.

"Tha an ùine gu math goirid airson dèanamh cinnteach gu bheil na h-obraichean seo gu bhith air an glèidheil, 's gu bheil an gàrradh gu bhith air a chleachdadh anns na mìosan a th' air thoiseach.

"Tha sinn air coinneachadh ris an Riaghaltas agus air na draghan sin a chur mu choinneimh a' mhinisteir

"Feumaidh sinn a bhith dòchasach, ach feumaidh sinn cuideachd coimhead ris gu leantainneach gu bheil an gàrradh seo na chlach-oisne airson na h-eaconomaidh againn anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach a thaobh chumhachd ath-nuadhachail, a thaobh dì-choimiseanaidh, gu sònraichte airson obraichean a chumail anns an eilean.

"Obraichean sgileil, a tha a' toirt taic dha teaghlaichean 's a' cur ris an eaconomaidh againn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo