Taghadh an Ceann a Tuath na Hearadh

Ceann a Tuath na Hearadh

Tha aig Urras Ceann a Tuath na Hearadh ri taghaidhean a chumail 'son buill ùra dhan bhòrd-stiùiridh fhaighinn.

'S e seo a' chiad uair a th' aca ris a leithid a dhèanamh bho chaidh an stèidheachadh 15 bliadhna air ais.

Leis cho farsaing 's a tha fearran Urras Ceann a Tuath na Hearadh, tha e air a sgaradh ann an diofar sgìrean ach am bi roinn chothromach ann de bhuill.

Tha a' bhuidheann a-nis a' lorg dithis ùir 'son sgìre an Tairbeirt, ach tha triùir air an ainm a chur air adhart agus le sin feumaidh iad taghadh foirmeil a chumail.

Tha seo air fhaicinn mar dheagh rud, agus e a' sealltainn gu bheil ùidh aig daoine a bhith a' tighinn air adhart agus cuideachadh le obair an Urrais.

Tha bileagan bhòtaidh agus fiosrachadh ri fhaighinn ann an oifis an Urrais air an Tairbeart agus 's e seachdain Diardaoin, an 22na là den Ghearran, an cothrom mu dheireadh bhòtadh.