Rabhadh còmhdhail air Ghàidhealtachd

Càr air a mhullach air an A82 Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh càr a chur air a mhullach air an A82 anns an t-sneachda.

Tha na Poilis a' toirt rabhaidh gu bheil sneachda, deigh agus gaoth mhòr a' dèanamh dràibheadh cunnartach air earrainnean den A82 agus an A9 air Ghàidhealtachd.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe airson sneachda agu deigh air feadh mòran den Ghàidhealtachd gu ruige 10:00m Dihaoine.

Chaidh càr a chur air a mhullach air an A82 anns an t-sneachda.

Tha gaoth nas motha na 100 m.s.u. air a bhith sa Mhonadh Ruadh san 24 uair a dh'fhalbh, agus bhuail dealanaich air sgìre Chaoil Loch Aillse oidhche Chiadain.

Thuirt luchd-obrach aig Ionad Sgithidh a' Chàirn Ghuirm gun do thuit i gu -7C aig an stèisean àrd air a' bheinn, agus gu bheil sneachda mòr air a bhith aca.