Dragh mu chrìonadh eun air talamh àrd

Guilbneach Image copyright Albert Bridge/Geograph

Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil iad air mothachadh do chrìonadh draghail ann an àireamhan eun nam bràighean.

Fhuair an sgrùdadh as ùire aig Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) lùghadachadh 16% anns a' mhòr-chuid de ghnèithean eun a tha a' tighinn beò air monaidhean na dùthcha.

Tha an dàta aig SNH a' gabhail a-steach nam bliadhnaichean bho 1994 gu 2016.

Tha na staitistigean a' sealltainn gun do shoirbhich le eunlaith a bha a' tighinn beò ann an coilltean agus air talamh àiteachais, leis na h-àireamhan aca a' dol an-àirde.

Ach cha robh cùisean cho math do dh'eòin a bha a' còmhnaidh air mòintichean agus talamh àrd, leis na h-àireamhan airson deich de 17 gnèithean a' crìonadh.

Bha cùisean gu h-àraid dona do dh'eòin mar an guilbneach, a' churacag agus an fheadag.

Thuirt SNH gu bheil oidhirpean a' leantainn airson eòin nam bràighean a chuideachadh tro rudan mar a bhith ag ath-stèidheachadh talamh-mònach agus am pròiseact Working For Waders.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum faic iad piseach a' tighinn air cùisean sna bliadhnaichean a tha romhainn.