Buidseat na Gàidhealtachd ga aontachadh

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha comhairlichean air Ghàidhealtachd air aonta a chur ri buidseat Comhairle na Gàidhealtachd airson na bliadhna-ionmhais a tha romhainn, le sàbhalaidhean £15m rin lorg.

An dèidh coinneimh a mhair còrr air ceithir uairean de thìde, dh'iarr an SNP gun rachadh dàil a chur air na planaichean, agus gun obraicheadh iad còmhla ris a' bhuidhinn riaghlaidh gus buidseat eile a chur air dòigh.

Cha do ghabh comhairlichean ri sin ge-tà.

Am measg na chaidh aontachadh, tha gun tèid cìs na comhairle àrdachadh 3% - a' fàgail gum pàigh neach le taigh ann am Bann D £35.93 a bharrachd gach bliadhna.

Cuiridh sin £3.448m a bharrachd ri stòras na Comhairle.

Chuir a' Chomhairle roimhpe cuideachd teachd-a-steach na buidhne bho thùsan eile àrdachadh £3,059,000, le targaid de £2,250,000 ri shàbhaladh tro ath-dhealbhachadh, agus gearradh de £5.1m anns na tha an t-ùghdarras ionadail a' cosg.

Lìon am buidseat toll £15,146,000 a bh' air fhàgail aig a' Chomhairle.

Chaidh cuid de na gearraidhean as connspaidiche a bhathas a' moladh a tharraing, is barrachd airgid aca na bha dùil air tighinn bho bhuidseatan riaghaltais,

Thuirt Ceannard na Comhairle Mairead NicDhàibhidh: "'S e buidseat cothromach a tha seo a bheir dìon do dh'obraichean, foghlam, rathaidean agus obair-gheamhraidh, agus do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.

"Gu fortannach cha robh againn ri gearraidhean cho mòr 's a bha dùil againn a chur an sàs am-bliadhna.

"Ach 's e dùbhlan mòr a th' air a bhith ann fhathast a bhith a' dèanamh nan gearraidhean a bheireadh a' bhuaidh as lugha air seirbheisean," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo