Àrdachadh 3% air cìs Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air bhòtadh airson cìs na comhairle àrdachadh 3% airson na bliadhna a tha romhainn.

Feumaidh iad gearraidhean de £15m a dhèanamh uile gu lèir.

Dh'iarr ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh, gun aontaich comhairlichean bho na pàrtaidhean eadar-dhealaichte buidseat a tha cothromach Diardaoin.

Thuirt i gu bheil am buidseat a thathar a' moladh a' dìon sheirbheisean, dhreuchdan agus choimhearsnachdan.

Ged a tha a' Chomhairle air cuid de na gearraidhean as connspaidiche a bh' aca a tharraing is barrachd airgid aca na bha dùil air tighinn bho bhuidseatan riaghaltais, tha an toll sin fhathast aca ri lìonadh.

Bheireadh am buidseat a tha mu choinneamh bhall Diardaoin buaidh air mu 50 cosnadh, ged a tha an t-ùghdaras ag ràdh gu bheil iad an dòchas nach caill duine an obair an aghaidh an toil.

Bhiodh gearradh ann am buidseatan ealain, is àrdachadh ann an cìsean sgudail is parcaidh, am measg eile.

Tha na h-aonaidhean ag ràdh gur ann air luchd-obrach na Comhairle a bhios a' bhuaidh as motha, is nach urrainn dha na gearraidhean leantainn anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo