Cobhair ga dhèanamh air luchd-obrach aig ionad SSE aig an t-Sròn Lairg

SSE block at Stronlairg Image copyright SSE

Tha cobhair ga dhèanamh le sgioba-teasargain beinne a' Mhonaidh Ruaidh air triùir luchd-obrach aig ionad tuath-gaoithe SSE aig an t-Sròn Lairg faisg air Cille Chuimein.

Le cur 's cathadh, tha na rathaidean a-steach dhan ionad dùinte, 's chaidh casg a chur air obair aig an ionad.

Tha an triùir glacte anns a' charbad aca eadar an t-ionad agus an t-àite anns am bith luchd-obrach a' fuireach.

Thuirt neach-labhairt SSE gu bheil an triùir sàbhailte, 's gu bheileas air a bhi a' bruidhinn riutha.

Plana-èiginn

"A-rèir a' phlana èiginn againn, tha sinn a' dèanamh nas urrain dhuinn son a bhith cinnteach gu bheil an triùir seo sàbhailte 's mar sin tha sinn air taic iarraidh bho sgioba-teasargain a' Mhonaidh Ruaidh.

"Tha sinn cuideachd a' feuchainn ris a rathad fhosgladh a-rithist".

Tha an tuath-gaoithe aig an t-Sròn Lairg am-measg an fheadhain as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte 's mar sin nas dualtaiche fuiling le droch thìde.

Leis a sin, tha àite-fuirich air a chur air dòigh air a' bheinn agus tha paramedic air an làrach fad an t-siubhail.

Droch-shìde

Tha an t-sìde air a bhi a' dèanamh maill mhòr air goireasan siubhail 's eile tron an latha.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe airson sneachda agus deigh air feadh mòran den Ghàidhealtachd gu ruige 10:00m Dihaoine.

Chaidh càr a chur air a mhullach air an A82 anns an t-sneachda.

Tha gaoth nas motha na 100 m.s.u. air a bhith sa Mhonadh Ruadh san 24 uair a dh'fhalbh, agus bhuail dealanaich air sgìre Chaoil Loch Aillse oidhche Chiadain.

Thuirt luchd-obrach aig Ionad Sgithidh a' Chàirn Ghuirm gun do thuit i gu -7C aig an stèisean àrd air a' bheinn, agus gu bheil sneachda mòr air a bhith aca.