"Airgead cothromach a dhìth" airson Blas

Fidheall Image copyright Thinkstock

Chan fhada gus an bidh ceist ann an gabh fèis-chiùil Blas a chumail a dol, a rèir cheannard na fèise.

Bha Artair MacCarmaig a' bruidhinn agus geàrradh de 10% a' tighinn air an airgead a chuireas Comhairle na Gàidhealtachd mu choinneimh na fèise san ath-bhliadhna-ionmhais.

Bho 2012 tha buidseat na fèise air tuiteam 40%.

"Anns an dà bhliadhna mu dheireadh cuideachd dh'fheuch Comhairle na Gàidhealtachd ri airgead Blas a ghearradh, ach rinn sinn an gnothach air an dà bhliadhna a dh'fhalbh air stad a chur air sin," thuirt Mgr MacCarmaig.

"Bha iad a' moladh an-uiridh 's a' bhòn-uiridh gearradh eile de 40% agus bha sin air cur às dhan fhèis uile gu lèir tha mi a' smaoineachadh.

"Ach am-bliadhna cha robh iad a' moladh ach gearradh de 10%, agus ged a bhios e doirbh dhuinn cumail a' dol mar sin, tha cothroman eile ann am-bliadhna, leis gur e Bliadhna na h-Òigridh a th' ann, agus 's dòcha gum bi tuilleadh airgid ri fhaighinn airson na fèise air sgàth sin.

"Mar sin, 's urrainn a dhol air adhart am-bliadhna, ach ma tha iad a' dol a ghearradh airgid bliadhna às dèidh bliadhna bidh ceist mhòr ann an urrainn dhuinn a chumail a' dol san fhad-ùine.

"'S ann aig Comhairle na Gàidhealtachd a tha Blas, 's e a' Chomhairle a thòisich Blas iad fhèin.

"Chaidh iad a-null a Chanada a choimhead air Celtic Colours, 's thàinig iad air ais an seo leis a' bheachd gum biodh e math fèis den t-seòrsa sin a bhith air a' Ghàidhealtachd, agus tha sinne ga lìbhrigeadh air cùmhnant le Comhairle na Gàidhealtachd, ach tha sinn cuideachd a' cur airgid mu choinneimh Blas bho Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

"Tha e a' tighinn tro na cùmhnantan a tha Fèisean nan Gàidheal a' faighinn bho na buidhnean a tha sin co-dhiù.

"Tha sin gar cuideachadh gu mòr.

"Ach 's e an rud a th' air tachairt thar nam bliadhnaichean, gu bheil an cuibhreann de dh'airgead a tha a' tighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd air a lùghdachadh gu mòr, agus aig an aon àm tha airgead bho bhuidhnean eile air a dhol suas beagan.

"Chan urrainn dhaibh a chumail a' dol a' smaoineachadh ma tha iad ag iarraidh fèis den t-seòrsa seo air Ghàidhealtachd gum biodh e comasach dhaibh sin fhaighinn agus gum biodh cuideigin eile a' pàigheadh air a shon.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil còir aca, ma tha iad ag iarraidh fèis den t-seòrsa seo air Ghàidhealtachd agus cùmhnant a thoirt dhuinn gach bliadhna airson a lìbhrigeadh dhaibh, bu chòir dhaibh a bhith a' cur airgid chothromaich mu choinneimh na fèise cuideachd," thuirt e.