Càineadh air dùnadh ionad-fiaclaireachd

Tha fear a bha na stiùiriche air Bòrd-Slàinte nan Eilean Siar air càineadh a dhèanamh air mar a chaidh a cho-dhùnadh ionad-fiaclaireachd Loch Bàghasdail a dhùnadh.

Thuirt Aonghas MacCarmaig gun d' fhuair iad dà bhilleig phàipeir agus gun robh aca ri aontachadh ris na bha sgrìobhte orra, agus ionad Loch Bàghasdail a dhùnadh air sàilleabh adhbharan slàinte agus sàbhailteachd.

Thuirt Àrd-Oifigear a' bhùird-shlàinte, Gòrdan Jamieson, gun robh làn-chead aig buill a' bhùird ceistean a thogail mun fhiosrachadh mura robh iad riaraichte leis a' ghnothach.

Thuirt e cuideachd gu bheil suidheachaidhean ann far a bheil aig buidhnean ri co-dhùnaidhean gu math cudromach a dhèanamh gu sgiobalta, mar a bh' aca ri dhèanamh anns an t-suidheachadh seo.

Ach thuirt e gun d' fhuair buill a' bhùird cothrom gu leòr a dhol thairis air na pàipearan a bha mun coinneimh.