Litrichean "dìomhair" gam foillseachadh

Ospadal Ghallaibh Image copyright J Thomas/Geograph
Image caption Tha mì-thoileachas mòr air a bhith an Gallaibh bho chaidh seirbheisean màtharail na sgìre atharrachadh, agus aig boireannaich a-nis ri dhol a dh'Inbhir Nis 'son leanabh a bhreith.

Chaidh grunn litrichean fhoillseachadh air na meadhanan-sòisealta leis a' bhuidhinn-strì CHAT ann an Gallaibh, a thàinig bho àrd-dhotair aig sgioba mhàtharail Ospadail an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.

Bha dragh air an Dr. James Bingham mu na h-atharrachaidhean air seirbheisean màtharail na sgìre, agus e den bheachd nach deach foir a thoirt dhaibh.

Thog an Dr. Bingham draghan an toiseach ann an 2016.

A thuilleadh air ceistean mu shàbhailteachd agus aig cuid de bhoireannaich ri astaran mòra a shiubhal agus iad an dùil ri leanabh, thuirt e nach deach sgrùdadh gu leòr a dhèanamh air a' ghnothach agus e den bheachd gum feumar leasachaidhean a thoirt air na seirbheisean a bhathas a' tabhainn aig Ospadal an Ràthaig Mhòir gus dèiligeadh ri tuilleadh bhoireannach a thigeadh à Gallaibh.

Thug an Dr. Bingham seachad na litrichean leis gu bheil e den bheachd gun deach an cleith a dh'aona-ghnothaich.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ge-tà, gun do mheòraich iad air gu leòr de dh'fhianais a bha gu math farsainn, agus rinn iad an co-dhùnadh aca stèidhichte air an fhianais a bha sin.

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad airson 's gun tèid seirbheisean aig fìor-àrd-ìre a chumail ann an Gallaibh agus gu bheil iad a' sireadh ghealltanasan bho Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil sin air a dhèanamh.