Cobhair air soitheach carago an Caol Reatha

An CEG Universe Image copyright RNLI/Andrew MacDonald

B' fheudar cobhair a dhèanamh madainn Didòmhnaich air soitheach carago ann an Caol Reatha, eadar an t-Eilean Sgitheanach 's Gleann Eilg.

Bha an CEG Universe, a tha clàraichte ann an Latbhia, gun chomas gluasad 's trioblaid ann le a falmadair.

Chaidh bàtaichean teasargain a' Chaoil agus Mhalaig a dhèanamh cobhair oirre, gus an tàinig bàta slaodaidh bhon Chaol airson a tarraing gu cala.

Thuirt sgioba Bhàta Teasairginn a' Chaoil gun deach fios a chur orra ro 08:00m Didòmhnaich gun robh an soitheach air a stiùir a chall san t-sruth làidir.

Bha am bàta, a tha 65 meatar de dh'fhaid, agus air an robh luchd de shalainn rathaid, a' cleachdadh a h-acair airson a cumail stòlta.

Ràinig bàta-teasairginn Mhalaig an uair sin, a tha gu math nas motha.

Fhad 's a bhathas a' feitheamh bàta-slaodaidh bho ionad Butec anns a' Chaol ge-tà, bhris an acair, agus thòisich an soitheach a' dol an comhar a cùil.

B' fheudar dhan dà bhàta-teasairginn obrachadh còmhla airson a cumail gus an do ràinig am bàta-slaodaidh.

Nochd an SD Kyle of Lochalsh goirid às dèidh 10:00m, agus chaidh aig na trì soithichean an uair sin air an CEG Universe a tharraing gu calla anns a' Chaol.

Ràinig i an Caol mu 12:00f.