Thuit fear-sgithidh 200 meatar

Sgioba Teasairginn Loch Abair Image copyright Sgioba Teasairginn Loch Abair

Chaidh cobhair a dhèanamh air fear-sgithidh a thuit timcheall air 200 meatar (6,500ft) air an Aonach Bheag ann an Loch Abar.

Chaidh a thogail le heileacoptair Didòmhnaich.

Thàinig air luchd-teasairginn 1,000 meatar (3,280tr) a dhìreadh airson a ruighinn.

Thuirt iad gur e iomairt teasairginn fìor dhuilich a bh' ann.